Stòras

by Cruinn

/
  • Streaming + Download

    Includes unlimited streaming via the free Bandcamp app, plus high-quality download in MP3, FLAC and more.
    Purchasable with gift card

      £7 GBP  or more

     

  • Compact Disc (CD) + Digital Album

    The second album of Traditional and Contemporary Scottish Gaelic Song from the acclaimed Gaelic quartet Cruinn.

    The Highland based quartet Cruinn brings together four of Scotland's premier Gaelic singers - James Graham, Fiona Mackenzie, Brian Ó hEadhra and Rachel Walker.

    Their outstanding use of harmonies and superb arrangements feature in 'Stòras' which translated means treasure or riches.

    Recorded August 2014 at Castlesound Studios by Stuart Hamilton and produced by the band.

    "...stunning Gaelic song supergroup with both sublimely complimentary vocals and spine-tingling contemporary reinventions of ancient material, together with beautifully crafted originals." The Scotsman

    Includes unlimited streaming of Stòras via the free Bandcamp app, plus high-quality download in MP3, FLAC and more.
    ships out within 2 days

      £10 GBP or more 

     

1.
'Ille bhàin mheallta Cealgair agus slaightear 'S e 'n t-olc a bha fainnear dhut Suarach bha do bheusan Gheall thu dhomh na rionnagan Mheall thu mi le'd bhriodal Dhall thu mi le breugan 'S tu dhìobair agus thrèig mi Mhiannaich mi gu dùrachdach Nach fhaicinn thu gu sìorraidh Guidheam ort droch bhreitheanas Nuair thig ort Latha na Fìrinn False fair boy deceiver and cheat Evil were your intentions Despicable were your actions You promised me the stars You beguiled me with your sweet talk You blinded me with lies You have deserted and forsaken me I fervently wished That I'd never see you again I wish the worst of judgements on you When your day of reckoning comes.
2.
Gheibhinn cadal math lem ghaol Is laighinn sùmhail dlùth ri taobh O gheibhinn cadal math lem ghaol Ged bhiodh an t-aodach gann oirnn Gum faighinn cadal math lem luaidh Ged bhiodh an sneachd ga chur mun chruaich Gum paisginn thu rim thaic mar uan Is chumainn bhuat gach aimhleas Do bhroilleach geal mar chanach lòin Do ghruaidhean fallain, dreach nan ròs Do mhala chaol mar ite 'n eòin Gur biadh is ceòl do chainnt leam. Bidh cuid an geall air earras 's maoin Le crodh is aighean 's fearann saor Gum fòghnadh dhomhs' am bothan fraoich Ach thusa ghaoil bhith ann leam. Gur ann am Muile nam bean fuar Tha 'chruinneag a thug dhìom mo shnuadh Gur e do ghaol dh' fhàg faoin mo shuain 'S gur truagh nach robh mi thall leat. I'd get a good sleep with my love And I'd lie quietly close by her side Oh I'd get a good sleep with my love Though our clothes would be scarce on us. I'd get a good sleep with my darling Though the snow would be falling on the peat stack I'd wrap you up in my arms like a lamb And keep every harm from you Your white bosom is like the bog cotton Your healthy cheeks have the hue of the rose Your slender brow is like a bird's feather Your speech is food and drink to me Some are excessively fond of wealth and riches With cattle and calves, and free land The heather bothy would do for me As long as you, my dear, with in it with me It is in Mull of the cool bens That the girl who took my healthy colour from me It is your love that has made my sleep lonely And how sad it is that I am not there with you
3.
Dh'fhàg thu mi an-dè Dh'fhàg thu le mo chridhe Bhuail e mi gu cruaidh Nuair a dh'fhàg thu, o mo luaidh Dh'fhalbh mi an-dè Chan urrainn dhomh a ràdh Dè cho fad 's a bhios Sinn sgairte, o mo ghràidh Ach mairidh ar gaol Gu sìorraidh agus là Tharais a' chuain àird Le cinnt, mairidh ar gaol Mairidh ar gaol Ge bith dè thachras a-nis Ma lorgas tu fear a tha còir Smaoinich orm mo rùin Cha chrìon mo shuim, mo stòir Ged a lorg mi duine còir Bidh d' fhaclan nam chridhe gu bràth Ged tha saoghal ùr agam a-nis Bidh thu rium gun donas, gun sgrios Chunnaic mi thu an-dè Le d' oghaichean timcheall ort Thill thu, mu dheireadh thall Ach thusa a-nis nad ghall Thill mi an-dè a ghràidh Is chuimhnich mi ort gu bàidheil Is tu fhathast na mo shùil Mo bhalach aig deireadh an t-saoghail You left me yesterday You left with my heart It hit me hard When you left, o my dear I left yesterday I cannot say How long we will Be separated, o my love But our love will survive Forever and a day Over the high seas Certainly, our love will survive Our love will survive Whatever happens now If you find a good man Think of me my darling My interest will not wane, my treasure Although I found a good man Your words will always be in my heart Although I now have a new life You will be with me without harm, without ruin I saw you yesterday With your grandchildren around you Finally you returned But you are now a foreigner I returned yesterday my love And I remembered you fondly And you still in my eye My boy at the end of the world
4.
Dà sholas fhann 'S iad fada bhuam air fàire Tha iad meata is mùirneach Na brisibh, na brisibh Mi sainnsearachd riutha Mo stòr 's mo chridhe Dà dhìthean bhrèagha Gam bheathachadh, gam neartachadh An gliocas gam fhàgail iriosal Na crìonaibh, na crìonaibh Mi guidhe riutha Mo stòr 's mo chridhe Dà sheud phrìseil Deàlrach is iongantach Gu socair dhan dùsgadh à suain Na cnàmhaibh, na cnàmhaibh Mi glaodh riutha Mo stòr 's mo chridhe Two tiny lights Out of reach on the horizon So fragile, so cherished Don’t break, don’t break I whisper to them My little treasures, my heart Two beautiful flowers Nourishing me, enriching me Their wisdom humbling me Don’t wither, don't wither I plead with them My little treasures, my heart Two precious jewels Radiant and wonderful Carefully take them from their bed Don’t shatter, don't shatter I cry to them My little treasures, my heart
5.
04:05
Smeòrach a' ghlinn' Cho ceòlmhor 's cho grinn Le òran as binn' Fo na neòil Anmoch is tràth A' ceilear le gràdh An doir' air a lìonadh Le cheòl. O gach meangan fo bhlàth 'S o bheanntan gu h-àrd A' drùidheadh tron iarmailt Gu tlàth Eunlaith nan speur An cò-sheirm gu lèir A' togail an fhuinn Le bàidh Hill iù, hill o hill eile Hill iù, hill o, na h-eòin Hill iù, hill o, hill eile Hilli o hi o, h-eòin. Chuala fiùran deas òg An t-isean gun sgleò Dhrùidh e air anam Mar cheò. Le briathran bha blàth Rinn e thàladh le gràdh Gu sheòmar fo sgàil Nan ròs. "Ceòl àlainn cho binn Bidh e agam dhomh fhìn Bheir e aoibhneas dom chrìdh A' ghnàth." Ach le sgiathan gun saors' 'S gun chòisir nan craobh Chrìon a spiorad 's a shaoghal Gach là. Cò a cheannsaicheas ceòl? Cò ni grèim air na neòil? Cò chumas strian Air gràs? Leig an t-òigear mu sgaoil A phrìosanach gaoil Thog am mulad ’s am bròn Air ball. 'S dhìrich guthan an t-slèibh Gu siùbhlach dhan speur Mar theudan cruit-chiùil An t-sèist. Mar ghathan na grèin' San òr-mhadainn rèidh An ribheidean milis Air ghleus. Mavis of the glen Sweet and full of music With the most beautiful song In the sky Late and early Chirruping happily Filling the woods with music From each flowering branch From the high mountains Warmly penetrating The skies Birds of the heavens Singing their songs In beautiful harmony A handsome young man Heard the bird It touched his soul Like mist With warm love poetry He enticed her To a dwelling Under the shade of roses "Lovely sweet music I have for myself It will always bring joy To my heart" But without freedom to fly Without the choir of the trees The mavis's spirit and life Faded each day "Who can buy love Who can hold the clouds Who can keep grace?" The young man Released his prisoner of love Her sorrow and sadness Was lifted The voices on the hillside Rose up to the sky The chorus like A melodious orchestra Like a ray of sunshine On a calm golden morning The sweet voices Joined in tune
6.
O thig mi gad iarraidh Gad iarraidh, gad iarraidh O thig mi gad iarraidh Mo nighean donn bhoidheach Is bheir mi gu luath thu A chùirt nam ban uasal Le sìoda mu d'uachdar Ma shiùbhlas to comh rium Ged thig thu gam iarraidh Le bliadhnach eich liath-ghlas Le cruidhean is dìollaid Is srian air dhan òr ghlan Chan fhàgainn mo bhuachaill No'n àirigh tha'n uachdar A' ghlinne ta shuas ud Air caisteal nan seòmar O thig leam 's cha lìonar Achaoidh tuilleadh cliabh ort Is seirbheiseach dèanaidh Dhut d'iarraidh is d’òrdugh Ad ionnsaigh do bhiadh bheir 'S do chup’ le fion lìonaidh Fion Frainge nam fion-liosan Grianach, 's gu leòr dheth Na bi ga mo bhuaireadh Le feòil-phoit nan uaibhreach Cha chinnt sonas buan iad Ged fhuair mi uat coir orr' A' bhrù ged a shàsaich An cridhe dheidheadh bàs e Dhìth a' bhuachaille bhàin sin A ghràdhaiche òg leam. Rèisd còmh' rium car mìos thig 'S gu seall mi dhut crìochaibh Nan oighreachdan brèagha Air a bheil mi nam oighre Thuirt d'athair 's do mhàthair Gur fheàirrde do shlàinte An t-àite seo fhàgail Seadh, 's ràith thoirt mum pill thu Ged bheir thu mi, òigfhir Bheinn gheal na Roinn-Eòrpa 'G ràdh, ¨Seall na tha fòdh'nne, Gur leams e, mo ghruagach, Ach 's leats' e a-maireach Ma bheir thu làmh dhomh.¨ Gun diùltainn, ag ràdhtainn, ¨Dhomh 'm bàs no mo bhuachaill'.¨ I will come for you, For you, For you, I will come for you My beautiful brown haired girl And will quickly take you To the court of the noble ladies With jewels in your hair If you come with me. Although you will come for me On a grey yearling horse Which is shod and saddled And a golden harness on it I wouldn't find my shepherd Or the sheiling on high ground Over in the glen In a room in a castle O come with me and Your kreel will no longer Need to be filled Anything you want or order Will be fulfilled Your food will be plentiful And your cup of wine filled With plenty of French wine Of the sunny vineyard Do not try to tempt me With the stew of the arrogant It is not certain that it will last Although I received much of this from you The stomach although satisfied The heart would die The blonde shepherd ate that Who was my young love Come with me for a month And I will show you the frontiers of the lovely estates Which I lord over Your father and mother said It would be good for your health This place to leave Aye, and a season before your return Lad, although you will take me To the white mountain of Europe Saying "Look dear, I own what is below us But it could be yours tomorrow If you give me your hand". I would refuse, I would say "For me, it's either death or my shepherd."
7.
Air Eilean beag bòidheach as t-samhradh sa ghrèin Hiu ra hoireann o, Hiu ra hoireann o, Is seinn na pìoba a' sèideadh sa ghaoith Hiu ra ho-ro a' sèideadh sa ghaoith Seinn na pìoba a' sèideadh sa ghaoith Tha dannsa a-nochd ann an Èirisgeigh chruinn Hiu ra hoireann o, Hiu ra hoireann o, Is na brògan air ùrlar a' bualadh gu cruaidh Hiu ra ho-ro a' bualadh gu cruaidh Na brògan air ùrlar a' bualadh gu cruaidh Gabhaidh mi drama is gabhaidh mi pinnt Hiu ra hoireann o, Hiu ra hoireann o, Le dòchas an ath là nach bi mi ro thinn Hiu ra ho-ro nach bi mi ro thinn Le dòchas an ath là nach bi mi ro thinn Seinnidh mi òran neo dhà, fiù 's no trì Hiu ra hoireann o, Hiu ra hoireann o, Is seinnidh an sluagh gu làidir gu binn Hiu ra ho-ro gu làidir gu binn Seinnidh an t-sluagh gu làidir gu binn Cluinnidh mi sgeulachdan fada 's èibhinn Hiu ra hoireann o, Hiu ra hoireann o, Mu na seann làithean is beatha na daoin' Hiu ra ho-ro is beatha na daoin' Mu na seann làithean is beatha na daoin' Air ais air an làr leis a' mhnaoi agam fhìn Hiu ra hoireann o, Hiu ra hoireann o, A' cagair na cluais rudan gràdhach is glinn Hiu ra ho-ro gràdhach is glinn A' cagair na cluas rudan gràdhach is glinn 'N t-àm airson teicheadh bho chèilidh na bliadhn' Hiu ra hoireann o, Hiu ra hoireann o, Is nì sinn a-rithist e an ath-bhliadhn' le cinnt Hiu ra ho-ro an ath-bhliadhn' le cinnt Is nì sinn a-rithist e an ath-bhliadhn' le cinnt In the summer sun, on a bonny wee island And the sound of the pipes on the breeze There is a dance tonight on Eriskay And the shoes are beating the floorboards hard I'll have a dram and I’ll have a pint In the hope that I won’t be too ill the next day I'll sing a song or two, or even three And the crowd will sing strongly and sweetly I'll listen to long and funny stories About the old days and the folks' lives Back on the floor with my lass Whispering loving and sweet things into her ear Time to leave the cèilidh of the year We'll definitely do the same again next year
8.
Gu ma slàn do na fearaibh thèid thairis an cuan, Gu talamh a' gheallaidh far nach fairich iad fuachd. Gu ma slàn do na fearaibh thèid thairis an cuan. Sinn a' fàgail na tìr’ seo oir cha chinnich ann nì dhuinn; Tha 'm buntat' air dol dhìth oirnn is cha chinn iad le fuachd. Gu ma slàn do na fearaibh thèid thairis an cuan. Sinn a' fàgail an àit' seo bhon a chuir iad mòr mhàl oirnn, Nuair a thig an Fhèill Màrtainn cha bhith nàir' air ar gruaidh. Gu ma slàn do na fearaibh thèid thairis an cuan. Gheibh sinn crodh agus caoraich, gheibh sinn sinn cruithneachd air raointean, 'S cha bhith e cho daor dhuinn ri fraoch an taobh tuath. Gu ma slàn do na fearaibh thèid thairis an cuan. Nuair a thèid mi don mhunadh a-mach le mo ghunna, Cha bhith geamair no duine gam chur air an ruaig. Gu ma slàn do na fearaibh thèid thairis an cuan. Chan e clag Chinn a' Ghiùthsaich bhios nise gar dùsgadh, 'S cha bhi e gu diùbhras ged nach dùisg sinn cho luath. Gu ma slàn do na fearaibh thèid thairis an cuan. Good health to the men who go across the sea, To the promised land where they will feel no cold, Good health to the men who go across the sea. We are leaving this land because nothing will grow for us, The potatoes have gone to waste and will not grow in the cold. Good health to the men who go across the sea, When we leave this land they will not burden us with great rent, And Martinmas will not cause shame on us. Good health to the men who go across the sea, We'll get cattle and sheep, we'll get wheat on the plains, And it won't be as costly for us as the heather in the north. Good health to the men who go across the sea, When I go out to the moorland with my gun, No gamekeeper or other person will chase me. Good health to the men who go across the sea. And they will not awaken us with the bell of Kingussie, And it will not matter if we don't waken so early. Good health to the men who go across the sea.
9.
S'iomadh oidhche fhliuch is thioram Sìde nan seachd sian Gheibheadh Griogal dhòmhsa creagan Ris an gabhainn dìon Òbhan òbhan òbhan ìri Òbhan ìri ò Obhan iri o Òbhan òbhan òbhan ìri 'S mòr mo mhulad 's mòr Dhìrich mi dhan t-seòmar mhullaich 'S thèirinn mi'n taigh-làir 'S cha d'fhuair mise Griogal Cridhe 'Na shuidhe mu'n chlàr B'annsa bhith le Griogal Cridhe Teàrnadh chruidh le gleann Na le Baran mòr na Dalach Sìoda geal mu'm cheann Eudail mhòir de shluagh an domhain Dhòirt iad d'fuil an dè 'S chuir iad do cheann air stob daraich Tacan beag bho d'chrè Nuair bhios mnathan òg' a' bhaile Nochd nan cadal sèimh Sann bhios mis' air bruaich do lice Bualadh mo dha làimh Many a night, wet and dry Even in the worst of weather Gregor would find a little rock for me Beside which I could shelter Òbhan òbhan òbhan ìri Òbhan ìri ò Obhan iri o Òbhan òbhan òbhan ìri Great indeed is my sorrow I ascended to the topmost rooms And I descended to the ground floor house And I did not find my beloved Gregor Sitting at the table I would like to be with my beloved Gregor Driving cattle down the glen Than with the big Baron of Dall With white silk around my head Great sweetheart of all people of the world They poured your blood yesterday And they put your head on an oak stick A short distance from your body When the young women of the village Are sleeping soundly tonight I will be at the edge of your grave Beating my palms in sorrow
10.
Chaidh Herr Zinklar null thar sàl, null a Nirribhidh air bhàrr nan tonn Am measg chreagan Gudbrand chunnaic e (a) uaigh is mala dearg a' maoidheadh. Vel op før dag de kommer vel over den hede Thairis air chuan a dh'ionnsaigh na Suain, a dhìon na dùthcha 's a saoibhreas Iarr cobhair air Dia oir gu deimhinne fhèin, bidh do cheann fo sgleò nan Nirribheach. A' ghealach cho geal a' soillseadh gu h-àrd, na tuinn cho socair a' slìobadh, Nochd maideann-mhara gu socair, ciùin a' gealltainn olc dhan ghaisgeach. Tionndaidh air ais O Albannaich bhorb, tha do bheatha 'n-diugh air iarraidh, Ma ruigeas tu Nirribhidh cha tig thu às beò, nach èist thu rium a laochainn. Is aingidh do dhàn, a bhean gun bheus, chan eil càil air d' aire ach aimhleas Ma gheibh mise cothrom ort, cha bhi thu cho breagha, leis gach ball dhe d' chorp air a spìonadh. Thairis air chuan trì là is oidhch', a chòmhlan treun a' seòladh na chois Am briseadh an là bha am fearann air fàir', Nirribhidh a' dùsgadh cho èasgaidh. Bha cron is sgrios is milleadh nan com, iad a' mort ’s a' dochann 's gach àite Cha robh buaidh na h-aois' a' cur maill air aon, 's air gach banntrach rinn iad tàire. Chaidh an naoidhean òg a mhort gun dàil, na laighe socair an uchd a mhàthar ach chaidh naidheachd a' bhròin ’s a' chaoidh ma sgaoil, air gach teang' air feadh na dùthcha. Thàinig tuathanaich Vaage is Lesje is Lom cruinn le tuaghan geur mun guailean Faisg air Bredebøjgd chruinnich iad fhèin 'son facal fhaighinn air fear Alba. Bhuail a' chiad pheilear Herr Zinklar fhèin, leig e èigh mus do ghèill a spiorad, Nuair a thuit e gu làr, ghlaodh gach fear de threud, Dhia, saor sinn bho ar n-àmhghar! Air làrach a' bhlàir bha air fhàgail gach corp, na fithich ag ithe am pailteas Air ais an Alba bha caoidh is bròn, na caileagan òg cho brònach. Cha d' fhuair aon de na dh'fhalbh air ais dhachaigh beò, 'son rabhadh a thoirt dha chàirdean An cunnart a thig bho bhith 'tadhal air daoine a tha a' fuireach 'measg bheanntan san Nirribhidh Sinclair went over the salty sea, to Norrig his course goes; Among Gudbrand mountains he found his grave there were many a bloody head Well up before day, they come over the heath. Sinclair went over the blue waves of the Swedish money to fight: Help You God, you surely must bite in the grass for the Norwegian man. The moon shines pale at night, the waves so softly rolling; A mermaid out of the water rose, she predicted Sinclair ill: "Turn back, turn back, you Scottish man! it applies to your good life; If you get to Norrig I say the truth, never will you come back!" ¨Ugly is your song, you poisonous troll; all times you predict accidents; If I catch you once "in my power", I will chop you into pieces." He sailed for days, he sailed for three with all his hired fellows, The morning of the fourth day he could see Norrig, I will not conceal. They harmed and burned where they went, all rights they violated; The old man's weakness touched not them, they mocked at the weeping widow. The child was killed in his mother's lap, so gently as it smiled; But rumours of all this weeping and wailing at the core of the country hurried. The farmers of Vaage, Lesje and Lom, with sharp axes on their shoulders In Bredebøjgd came together, with the Scot so they would talk. The first shot Sinclair mattered, he roared and gave up his spirit; Every Scot cried when the colonel fell, "God deliver us from this distress!” With dead bodies the battlefield was filled, the Ravens had enough to eat, - The young blood that here flowed out, Scottish girls mourn. Not a living soul came home, who could tell his fellow countrymen, How dangerous it is to visit those, living among Norriges mountains.
11.
An-raoir is mi spaiteareachd thall Ar m' fhearran-sa leathan na glinn(e) Nochd gruagach thugam bho nall A dh'fhàg tuirseach is brònach, lag mi. Is mi glaicte bho (a) beus is a h-àill'. A beul tana, beò, milis binn Is chaidh mise thuice gun dàil Is air m' anam chan innisinn cò i Nan toireadh a' bhean feart dom ghlòr 'S e a dh’innsinn dhi a bhiodh fìor Gu deimhinn dhut dhèanainn an gnòthach I a dhìonadh, is a ghlèidheadh gu crìoch Leughainn dhi sgeul bhom stòr(as) 'S bu mhiann leam a toirt do m' chrìdhe Far am bi i gu sàbhailt gu deò Is air m' anam chan innisinn cò i Tha rìbhinn ann, bòidheach is òg Air an taobh thall den àite leam fhìn Tha fèile is coibhneas, is bòidhch' Is maise cho mòr innte fhìn, Is a falt a' tuiteam gu feòir A' dearsadh mar òr bhuidhe mhìn Tha lasadh 'na leacainn mar ròs Is air m' anam chan innisinn cò i Last night as I was wandering Through my lands in the broad glen A lass appeared before me And left me sad and weak I was taken by her manner and beauty Her slender, sweet mouth And I went to her without delay On my soul, I won’t tell who she is If this virtuous woman were to receive my paise What I'd say to her would be true I certainly would act On protecting and holding her forever I would read her stories from my collection And I would like to take her to my heart Where she would be safe forever By my soul, I won’t tell who she is There is a maiden, young and fair On the far side of where I stay She is full of hospitality, kindness And beauty And her hair falls to the grass Shining like fine yellow gold That lights up her rosy cheeks By my soul, I won't tell who she is
12.
A Mhanuis mo rùin Is tu dhèanadh mo rùin A chuirp chùbhraidh nan dùl, Cuimhnich oirnn. Cuimhnich a naoimh nam buadh, A chomraig 's a chòmhn an sluagh, Cobhair oirnne nar truaigh, 'S na trèig sinn. Tog ar seilbh mach ri leirg, Casg coin ghioirr is coin dheirg, Cum uainn fuath, fath, feirg, Agus fòirne. Cuartaich tàn agus buar, Cuartaich caor agus uan; Cùm uap an fhamh-bhual, 'S an luch-fhèoir. Crath an drùchd on speur air crodh, Thoir fàs air feur, dèis, agus snodh, Dùbhrach, lus-fèidh, cèis, meacan-dògh, Agus neòinean. O Mhanuis nan glonn, Air bharca nan sonn, Air bharra nan tonn, Air sala na fonn, Còmhn agus glèidh sinn. O Magnus of my love, Thou it is who would'st guide, Thou fragrant body of grace, Remember us. Remember us, thou Saint of power, Who didst encompass and protect the people, Succour thou us in our distress, Nor forsake us. Lift our flocks to the hills, Quell the wolf and the fox, Ward from us spectre, giant, fury, An oppression. Surround cows and herds, Surround sheep and lambs; Keep from them the water-vole, And the field-vole. Sprinkle dew from the sky upon kine, Give growth to grass, and corn, and sap to plants, Water-cress, deer’s-grass, fern, burdock, And daisy. O Magnus of fame, On the barque of the heroes, On the crests of the waves, On the sea, on the land, Aid and preserve us.

about

The second album of traditional and contemporary Scottish Gaelic song from the acclaimed Gaelic quartet Cruinn.

The Highland based quartet Cruinn brings together four of Scotland's premier Gaelic singers - James Graham, Fiona Mackenzie, Brian Ó hEadhra and Rachel Walker.

Their outstanding use of harmonies and superb arrangements feature in 'Stòras' which translated means treasure or riches.

Recorded August 2014 at Castlesound Studios by Stuart Hamilton and produced by the band.

"...stunning Gaelic song supergroup with both sublimely complimentary vocals and spine-tingling contemporary reinventions of ancient material, together with beautifully crafted originals." The Scotsman

credits

released June 7, 2020

Cruinn/Cruinn are:
James Graham: Seinn agus Pìob/Vocals and Pipes
Fiona Mackenize: Seinn/Vocals
Brian Ó hEadhra: Seinn, Giotar, Organ-beòil, Faram, Bocsa Shruti/Vocals, Guitar, Harmonica, Percussion, Shruti Box
Rachel Walker: Seinn, Piàno, Rhodes, Bogsa-ciùil/Vocals, Piano, Rhodes, Accordion

Luchd-ciùil Aoigheachd/Guest Musicians:
Patsy Reid: Fìdheall agus Viola/Fiddle and Viola.
Matheu Watson: Giotar agus Fìdeag/Guitar and Whistle
Ross Wilson: Beus/Bass

Air Riochdachadh Le/Produced By:
Brian Ó hEadhra; Rachel Walker, James Graham, Fiona Mackenzie

Air Chlàradh, Measgadh agus Maighstireachadh Le/Recorded, Mixed and Mastered By:
Stuart Hamilton, Castlesound Studios, Pencaitland, Alba/Scotland

Dealbhan agus Dealbachadh Le/Photography and Design:
Louise Bichan

A h-uile òran rianaichte le/All songs arranged by:
Cruinn (Rachel Walker, Fiona Mackenzie, Brian Ó hEadhra, James Graham)

Fios air na h-òrain/Track Credits:
Faicibh am bileag fhiosrachaidh/See inlay card

Taing Mhòr/Many Thanks:
Stuart Hamilton; Joan Sutherland; Alasdair Mac'illeBhàin; Joy Dunlop; Kristian Blak; Ian Smith; Flora MacPhail, Andrew Stevenson; Alice Clifford; Elaine Walker; Kenna Chaimbeul, Kirsteen NicDhòmhnaill, Fin & Hamish Moore; ar teaghlaichean is caraidean/our family and friends.

Taing d' Alba Chruthachail airson taic a chur don phròiseact seo/Thanks to Creative Scotland for supporting this project.

www.cruinn.net
www.facebook.com/cruinn
Twitter: @cruinn_band

license

all rights reserved

tags

about

Cruinn Inverness, UK

The Highland based quartet Cruinn brings together four of Scotland's premier Gaelic singers - James Graham, Fiona Mackenzie, Brian O hEadhra and Rachel Walker. Each of these artists are highly regarded in their own right and together, as Cruinn, they perform traditional and contemporary Gaelic songs with beautiful harmonies and arrangements. ... more

contact / help

Contact Cruinn

Streaming and
Download help

Report this album or account

If you like Cruinn, you may also like: